History

Bha còisir à Inbhir Nis am measg a’ chiad fheadhainn a choisinn urram
ann an co-fharpais MhicShimidh is Mhorair Thulaich Bhàrdainn aig a’
Mhòd Nàiseanta. Ann an 1903 agus 1904 bha iad co-ionnan anns a’ chiad
àite ri còisirean à Steòrnabhagh agus às an Òban. Choisinn iad am
prìomh urram sin leotha fhèin beagan bhliadhnaichean an dèidh sin, ann
an 1910 agus 1911. Mun àm a choisinn iad Sgiath MhicShimidh a-rithist,
ann an 1919, bha ainm a’ chòisir air atharrachadh bho Inverness Select
Choir gu Inverness Gaelic Musical Association.

Anns na ceithir bliadhna an dèidh a’ chogaidh, suas gu 1949, bha iad
bho stiùirichean diofraichte gach bliadhna agus cha deach aca air an
còisir a chumail air stèidh chunbhalach. Aig an àm seo, agus ron
chogadh, b’ e Dòmhnall Greumach, a bha na fhear-teagaisg Gàidhlig anns
an Acadamaidh Rìoghail, an leughadair Gàidhlig a bh’ aca.

Anns na leth-cheudan bha còisir fhir anns a’ bhaile, air a stiùireadh
le Coinneach Camshron, aig an robh buinteanas ri Ratharsaigh. Ann an
1956 thàinig na boireannaich nan lùib agus bha an còisir sin, fad na
h-ùine air a stiùireadh le Coinnich Camshron, a’ gabhail pàirt ann an
farpaisean a’ Mhòid suas gu meadhan nan ceithir ficheadan. An dèidh
sin sgaoil an còisir chionns gun robh iad a’ fàs gann de bhuill, gu
h-àraidh fileantaich.

Ann an 1989 thàinig Ailean MacLeòid nach maireann, far an robh Seònaid
NicGhriogair, a bha a’ teagaisg Gàidhlig ann an Sgoil Allt a’
Mhuilinn, agus dh’fhaighneachd e dhi am biodh i deònach oidhirp a
dhèanamh còisir ath-bheòthachadh anns a’ bhaile. Thuirt i gum biodh,
cho fad ‘s a gheibheadh iad cuideigin a ghabhadh os làimh taobh a’
chiùil.

Ghabh Mairead Laing, a bha na neach-teagaisg ciùil, an dleastanas sin
oirre fhèin agus, a’ bhliadhna sin, sheinn iad aig Mòd Ionadail Inbhir
Nis mus deach iad gu Mòd Nàiseanta Bhaile Ghobhainn an ath bhliadhna.

Bho 1995, bliadhna an dèidh a dhol a-steach airson na farpais airson
a’ chiad uair nan riochd ùr, choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus
Thulaich Bhàrdainn. Tha iad air an fharpais a ghlèidheadh còig tursan
bhon uair sin.

Chionns gu bheil iad air a bhith soirbheachail, tha iad tric air am
fiathachadh airson seinn aig diofar thachartasan, fad is farsaing.

Ann an 2008, bha iad aig Celtic Colours ann an Ceap Breatainn, turas a
chòrd riutha gu mòr. Bha aca ri siubhal air ais dhachaigh tron
oidhche, agus laigh an t-itealan air an robh iad ann an Glaschu aig
meadhan-latha air an Dihaoine a bha farpais mhòr nan còisirean aig a’
Mhòd Nàiseanta. Dh’aindeoin tuilleadh riasladh, nochd iad air an
àrd-ùrlar anns an Eaglais Bhreac agus, nuair a chaidh na comharran a
thoirt seachad ann am farpais MhicShimidh is Mhorair Thulaich
Bhàrdainn, bha iad anns a’ chiad àite co-ionnan ri Còisir Inbhir
Pheotharain. Gu mì-fhortanach dhaibh-san, bha Inbhir Pheotharain air
comharra a bharrachd fhaighinn ann an Gàidhlig agus mar sin ‘s iad a
choisinn an duais.

Eadar 2004 agus 2010 bha an còisir fo stiùir Jamie MacGriogair agus ‘s
i a mhàthair, Seònaid, an leughadair Gàidhlig aca. Tha iad air Sgiath
MhicShimidh a chosnadh dà uair bho ghabh Jamie an stiùir, mar a rinn
iad fo stiùireadh Mhàiri Anna NicUalraig, a bha os an cionn bho 1998
gu 2001.